Tuesday, 3 January 2017

Thoir maitheanas do’n droch Ghàidhlig!

A’ Chiad Bhlog agam – 3mh Faoilleach 2017

Thoir maitheanas do’n droch Ghàidhlig!

Cuir Gàidhlig fo eagal sinn, mura h-eil Gàidhlig bho thùs againn. Thoisich mo sgeulachd-siubhail fìor ag ionnsachaidh Gàidhlig, mar tidsear Beurla air fo-fhastadh ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Gu ruige seo, mar a tha sibh a’ faicinn, ’s work in progress a th’ann. ’S dòcha bidh e ‘eureka moment’ mar a bha do’n ùghdar na bhloig ‘Confessions of a Scottish Gaelic Learner’ – no ’s dòcha cha bhi.

Tha e an crocadh air taic, neo-ar-thaing. Tha còmhradh aodann ri aodann as fheàrr, ach rinn mi an-uiridh An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig, a bha spòrsail agus dùbhlan fad na h-ùine, gu h-araidh ro’n còmhradh seachdaineil. Air a’ chùrsa ‘GifT’ tron Oilthigh Srath-Chluaidh a-nis, feumaidh sinn leughaidh mu dheidhinn cànain eile, m.e. Eireannach agus a’ Chuimris. Tha sinn a’ tuigsinn nas fheàrr an fhìrinn mu ‘Language Death’, agus na trioblaidean le ‘Intergenerational Transmission’ anns a’ Gàidhlig. Gu simplidh, chan eil daoine gu leòr a’ chleachdadh a’ Gàidhlig. Tha feadhainn a’ feuch cùise carson a tha seo.

Mar tidsear, tha ùidh agam anns na leasachaidhean foghlaim. Am bliadhna, bi inntinneach a’ leughaidh na toraidhean as dèidh an co-chomhairleachadh foirmeil air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig. Tha am Bòrd na Gàidhlig am prìomh buidheann às leth an coimhearsnachd Albannach.

Tha mi a’ tuigsinn mu thràth gu bheil tòrr daoine ann tòrr àiteachan agus dòighean a toirt brosnachdainn agus taic – luchd-iomairt, tidsearan, neach-ciùil, sgrìobhadairean, nam meadhanan agus làraichean-lìn, buidhnean Facebook, air Twitter agus mòran eile - cinn-fheachd a tha a’ cuideachachd an cànan fhèin. Tha caraidean agus teaghlach cho, cho cudromach.

Ma-thà chan eil e furasta mar ionnsachaidh Gàidhlig – tha mòran dùbhlain ann agus tha mi a’ dèanamh mearachdan gach latha – uaireannan an aon mearachdan, uaireannan na feadhainn ùr. Ach cha bhi mi a’ dèan gearain ann Tha gu leòr ri dhèanamh fhathast. Nì mi mo dhìcheall.


No comments:

Post a Comment