Friday, 29 December 2017

Cothrom iongantach aig BSGI tro'n 'Northern Alliance'?



Cothrom iongantach airson an Caidreachas a Tuath? Dè mu dheidhinn an 'Northern Alliance' is BSGI?

Tha e deich bliadhna bhon a dh’ fhosgail Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, agus feumar aideachadh gu bheil seo na sgeulachd fìor mhath. Tha e follaiseach gur e sgoil soirbheachail a th' ann, le luchd-obrach is coimhearsnachd air fad làidir is aonaichte. Nuair a tha na sgoilearan a’ dol dhan àrd-sgoil, bidh iad a’ tighinn à BSGI le misneachd, earbsa is cairdeas eadar ri chèile. Tha iad a’ sealltain dealas agus pròis air an cultar is dualchas aca. Chuala sinn fianais àlainn oidhche Haoine mar chomharra den deichead mìorbhaileach – ceòl càileachd àrd, bàrdachd, dannsadh, clann is daoine òg siùbhlach agus cuideachail am measg an luchd-obrach, na pàrantan is caraidean eadar-dhealaichte.

Air an adhbhar sin – air sgàth’s gu bheil coileanadh àrd aig BSGI, nach bu chòir dhuinn coimhead air adhart gu misneachdail agus gu dàna air an àm ri teachd? ’S ann seachad a tha na h-aithisgean gruamach, nach eil? An dùbhlan as motha: ’s e sin nach eil àite gu leòr ann. Tha e uabhasach dùmhail, gu h-àraidh san talla, ach sna rùmannan air fad. Dè nis?

Uill, an urrainn dhuinn caran meòrachadh a dhèanamh, ’s dòcha mun beachdan o chionn fhada? An e àm freagarrach a tha seo airson bruidhinn air sgoil nas motha, fiù’s ri taobh ‘Gaelic Hub’?

Bha tòrr comasan anns a’ phlanaichean – à rèir an comataidh stiùiridh, a thug na beachdan aice air adhart ann an 2009. Buidhnean Ghàidhlig ionadail, sgìreal agus nàiseanta a’ tighinn còmhla, san aon làrach; sgoil mhòr gu leòr son coimhearsnachd le ùidh agus dealas a’ leasachadh sa Ghàidhlig; cothrom com-pàirteachas cho cudromach leis an IRA, sàr Ionad Gàidhlig son foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig. Cothrom iongantach!

Tha a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig air pailteas maoineachas a thoirt mu thràth – tha iad air mòran a sgaoileadh air a choileanadh – mar-thà, am bi an dùbhlan seo buntainneach do’ n Caidreachas a Tuath – dèile mheadhanach den ro-innleachdan ùr nàiseanta? Feumaidh e iomairtean deimhinneach a dhol air adhart, nach fheum? Michael Gregson, Inbhir Nis, An Dùbhlachd 2017

No comments:

Post a Comment