Tuesday, 2 January 2018

Response to National Gaelic Language Plan Consultation, May 2017

(Le leisgeulan son Gàidhlig lag san fharsaingeachd)
Ceist 1 - Tha cumadh a’ Phlana a’ gabhail a-steach amas, cuspairean, prìomh raointean agus gealltanasan. A bheil beachd agaibh air cumadh a’ Phlana agus air an àrd-amas againn?                 
Tha cumadh a’ Phlana freagarrach agus practaigeach. Tha an taisbeanadh nas soilleire agus nas fhasa ri leantainn na am fear roimhe. Ach, is cinnteach gur urrainn dhuibh pìosan a chur bho na cròileagain, sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean - ealain, bàrdachd agus sgrìobhadh eile, am measg nan duilleagan tioram, nach urrainn? Tha sgrìobhainn a’ Phlana seo na shanas airson na buannachd a’ chànain.

Ceist 2 - Tha sinn dhen bheachd gu bheil e riatanach gum bi deagh ìomhaigh aig a’ Ghàidhlig agus gum bi na raointean shuas a’ cur gu mòr ri sin. A bheil beachdan agaibh fhèin air na raointean a thagh sinn no càil eile co-cheangailte ris a’ chuspair seo?               
Tha seo raoin deatamach: tha mòran a’ saoilsinn gu bheil an suidheachadh fortanach son luchd-labhairt na Gàidhlig – fiù’s a h-uile rud Gàidhlig. ’S dòcha gu bheil feadhainn an seo ‘nan ginealachan caillte’ – daoine sa Ghàidhealtachd no sgìrean eile san Alba, ach gun dilseachd no tuigse mu eachdraidh agus cultar na dùthcha aca fhèin. ’S e bacadh mòr a th’ ann – ma-tà tha teachdaireachdan deimhinneach mun Gàidhlig ri bhith air an cumail. Bha eisimpleir sgoinneil o chionn ghoirid mu Chomhairle Mhoireabh – bha freagairt a’ Bhuird èifeachdach. Chuidich sin le faicsinneachd a’ Bhùird agus a’ chànain.
Tha mise ag aontachadh ribh, gu feum sinn beachdan bàigheil mu dheidhinn a’ chànain a bhrosnachadh. Tha na meadhanan Gàidhlig riatanach – cha bhith reachdan a-mhàin a’ coileanadh atharrachadh, gu h-àraid tro BBC Alba, MG Alba agus BBC Radio nan Gàidheal. Mar neach-ionnsachaidh gun dlùth-shinnsireachd, bidh e a’ còrdadh rium nuair a tha prògraman nas in-ghabhalaiche (le deagh Gàidhlig ach le cuspairean, ceòl, luchd-èisteachd no luchd-coimhead eadar-dhealaichte cuideachd). Feumaidh craoladh Gàidhlig maoineachadh a bharrachd fhaighinn.
Tha mi an dòchas gum bith toraidhean cudromach agus ìomhaigh nas àirde às dèidh an aithisg ‘Ar Stòras Gàidhlig’, a tha làn chothroman deimhinneach son cosnaidh ann an gnothaichean air feadh na h-Alba.

Ceist 3 - Tha sinn dhen bheachd gu bheil foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig aig cridhe a’ Phlana seo. Tha sinn air liosta a dhèanamh de na prìomh raointean airson leasachadh san àm ri teachd. A bheil beachdan agaibh air seo, agus air na prìomh raointean a thagh sinn airson ionnsachadh na Gàidhlig?         
’S e rud a tha cianail cudromach, airson leasachadh anns an àm ri teachd, Gàidhlig ann an raointean Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne a leudachadh. Bidh a’ phlana nàiseanta son Cùram-chloinne a bharrachd a’ tabhann cothrom math. ’S dòcha bidh na ‘Language Nests’ ann an Sealainn Nuadh iomairt feumail? Tha mòran fianais mun deidhinn.
Cuideachd, taic agus brosnachadh do na buidhnean a tha soirbheachail ann a bhith a lìbhrigeadh eòlasan ionnsachaidh càileachdach, Gàidhlig a chleachdach. ’S ann a tha e riatanach com-pàirteachas is slighean a cruthachadh bho na tràth-bhliadhnaichean chun nam bun-sgoiltean agus nan àrd-sgoiltean. Mar eleamaid eile dhen adhartas, son taic, thigeadh buannachd an ‘Ionnsachaidh Òig.’ Nam b’ urrainn do na pàrantan agus do luchd-cùraim cothrom fhaighinn air cùrsaichean agus goireasan airson Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdach. Air an adhbhar sin, tha feum againn air maoin a bharrachd son sàr-obair Stòrlann, Lasadh, taic eadar-lìn smsaa – tha bèarnan mòra ann fhathast, ged-thà. Tha saoghal an eadar-lìn gu h-àraid cudromach anns na sgìrean sgapte dùthchail.
Mar an ceudna, tha mi an dòchas gun toir an Riaghaltas na h-Alba – agus na prìomh chom-pàirtichean aige - prìomhachas do iomairtean trusadh agus trèanadh luchd-teagaisg, agus gun lorg e caochladh  dhòighean aghaidh a thoirt air a’ chùis seo. Nuair a tha na meud nan clasaichean a fàs, mar bhuil air piseach FTMG agus FLI, thig trioblaidean ùra air sgath’s gu bheil na pàistean agus na daoine òga aig ìrean eadar-dhealaichte anns a’ Gàidhlig agus taobhan eile den fhàs aca. Fàsaidh na duilgheadasan ann an suidheachaidhean far a bheil no nach eil Gàidhlig aig an taigh. Tha mi an dòchas gum bi solarachd leantainneach ghoireasain luachmhor ann m.e. Ceumannan, agus iomairtean feumail eile leithid FilmG, Duais Iain Muir, An Àirigh, Siuthad!, Tachartasan Fèisean nan Gàidheal, Comunn na Gàidhlig. Tha teisteanasan an SQA a’ fàs gu math cuideachd, agus feumaidh mi an Scottish Studies Award a mholadh mar rud co-obrachadh luachmhor eadar roinnean agus le com-pàirteachan.
Ach, mu dheireadh anns an earrann seo, feumaidh mi droch-dhuilgheadas san àrd-sgoil a chuir an cèill. Sna deich bliadhna a dh’fhalbh, mar ‘co-lorg ris nach robh dùil’ tha trioblaid ann air sgath’s mar a tha a’ Churraicealam a’ fàs nas cuinge, às dèidh na taghaidhean aig deireadh S2 agus S3. Tha rannsachadh a’ leantainn an-dràsta, agus tha e soilleir gu bheil an suidheachadh mì-fhortanach: fàgaidh daoine cànainean. Tha seo a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig. Ma tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh togail air na leasachaidhean anns na roinnean as òige, agus ionnsachadh na Gàidhlig a mheudachadh, feumaidh e a bhith gu math mothachail dhan a’ chùis seo.

Ceist 4 - Tha sinn dhen bheachd gu bheil na raointean a chaidh a thaghadh cudromach airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh. A bheil beachdan agaibh air mar a dh’fhaodamaid piseach a thoirt air ìre cleachdaidh na Gàidhlig?
Tha e cudromach a bhith a’ coileanadh an amais aig cridhe a’ ghnothaich: leudachadh a thoirt air na suidheachaidhean anns a bheil Gàidhlig ga cleachdadh. Tha cuid de  bhuidhnean agus Ùghdarrasan air ealamaidean nam plànaichean aca a chur an gnìomh; agus tha feadhainn eile am feum BnG lìonraidhean-taic a chruthachadh agus brosnachadh a thoirt dhaibh. ’S urrainn dhuinn feabhas a dhèanamh air feadh na dùthcha, a thaobh inbhe na Gàidhlig, agus àite na Gàidhlig a dhaingneachadh anns na roinnean eadar-dhealaichte: prìobhaideach, saor-thoileach agus poblach. Tha mi cinnteach, gu bheil tòrr chothroman ann, cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh ann an suidheachaidhean làitheil, thairis air a’ comann-shòisealta. Tha e deatamach mar ro-innleachd gus àite na Gàidhlig a ghleidheadh, a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ faotainneachd na Gàidhlig ag àrdachadh: tha daoine a’ breith air an seo anns an raointean cruthachail mu thràth, ach tha cothroman ann cuideachd, beagan Gàidhlig a chleachdadh son an luchd-turais, agus aig ionadan-fàilte. Bha mise o chionn ghoirid aig ‘Ceòlas’ ann an Uibhist agus ann am Beinn na Faodhla – anns an fhèis sgoinneil seo b’ i Gàidhlig a’ chànain bhunaiteach anns a h-uile suidheachadh. Bha sin tarraingeach do luchd-turais, fiù’s do dh’fheadhainn gun Ghàidhlig sam bith.

No comments:

Post a Comment