Posts

Showing posts from December, 2017

Cothrom iongantach aig BSGI tro'n 'Northern Alliance'?

Cothrom iongantach airson an Caidreachas a Tuath? Dè mu dheidhinn an 'Northern Alliance' is BSGI?

Tha e deich bliadhna bhon a dh’ fhosgail Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, agus feumar aideachadh gu bheil seo na sgeulachd fìor mhath. Tha e follaiseach gur e sgoil soirbheachail a th' ann, le luchd-obrach is coimhearsnachd air fad làidir is aonaichte. Nuair a tha na sgoilearan a’ dol dhan àrd-sgoil, bidh iad a’ tighinn à BSGI le misneachd, earbsa is cairdeas eadar ri chèile. Tha iad a’ sealltain dealas agus pròis air an cultar is dualchas aca. Chuala sinn fianais àlainn oidhche Haoine mar chomharra den deichead mìorbhaileach – ceòl càileachd àrd, bàrdachd, dannsadh, clann is daoine òg siùbhlach agus cuideachail am measg an luchd-obrach, na pàrantan is caraidean eadar-dhealaichte.

Air an adhbhar sin – air sgàth’s gu bheil coileanadh àrd aig BSGI, nach bu chòir dhuinn coimhead air adhart gu misneachdail agus gu dàna air an àm ri teachd? ’S ann seachad a tha na h-aithisgean gruama…